Am Bioball Gàidhlig Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè: Romanaich 3:23 Oir is e tuarasdal a' pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a' bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna. Romanaich 6:23 Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e: Chan ann o obraichean, a-chum nach dèanadh neach air bith uaill: Ephesianaich 2:8-9 Agus air seasamh don chìs-mhaor fad air ais, cha b'àill leis fiù a shùilean a thogail suas gu nèamh, ach bhuail e a uchd, ag ràdh, A Dhia,dèan tròcair ormsa a tha am pheacach. Lùcas 18:13 Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun thug e a aon-ghin Mhic fhèin, a-chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a' bheatha shìorraidh aige. Oir cha do chuir Dia a Mhac don t-saoghal a-chum gun dìteadh e an saoghal, ach a-chum gum biodh an saoghal air a shaoradh trìds Eòin 3:16-17 Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a-chum gum bi sibh comasach air a giùlan. 1 Corintianaich, 10:13 Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd. No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna. Romanaich 8:38-39 Oir is e Crìosd crìoch an lagha a-chum fìreantachd do gach neach a chreideas. Romanaich 10:4 (Oir tha e ag ràdh, Ann an àm taitneach dh'èisd mi riut, agus ann an là slàinte rinn mi còmhnadh leat: feuch, a-nis an t-àm taitneach; feuch, a-nis là na slàinte.) 2 Corintianaich 6:2 A-nis nuair a chuala iad seo, bha iad air am bioradh nan cridhe, agus thubhairt iad ri Peadar, agus ris a' chuid eile de na h-abstoil, Feara agus a bhràithrean, ciod a nì sinn? An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a-chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh. Gniomharan nan Abstol, 2:37-38 Agus gun cuir sibh umaibh an nuadh-dhuine, a tha air a chruthachadh a rèir Dhè ann am fìreantachd agus am fìor-naomhachd. Ephesianaich 4:24 Mar a tha e sgrìobhte, Can eil ionracan ann, chan eil fiù a h-aon: Romanaich 3:10 Uime sin mar a thàinig peacadh a-steach don t-saoghal tre aon duine, agus bàs tre an peacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h-uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile. Romanaich 5:12 Oir air dhuinn a bhith fhathast gun neart, ann an àm iomchaidh bhàsaich Crìosd airson nan daoine neo-dhiadhaidh. Romanaich 5:6 Ach tha Dia a' moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d'fhuiling Crìosd bàs air ar son. Romanaich 5:8 A dhearbhadh a bhith na Mhac do Dhia le cumhachd, a rèir Spiorad na naomhachd, tre an aiseirigh o na mairbh: Romanaich 1:4 Air dhuinn fios a bhith againn air do Chrìosd èirigh o na mairbh, nach bàsaich e nas mò; chan eil tighearnas aig a' bhàs nas mò air. Romanaich 6:9 Ma dh'aidicheas tu led bheul an Tighearna Iosa, agus ma chreideas tu ann ad chridhe gun do thog Dia o na mairbh e, gun saorar thu. Romanaich 10:9 Oir ge bè neach a ghairmeas air ainm an Tighearna tèarnar e. Romanaich 10:13 Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd. No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna. Romanaich 8:38-39